Dàil air buil sgrùdaidh air àrd-sgoil Ghàidhlig an Steòrnabhagh

Àrd-sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh
  • Air fhoillseachadh

Cha bhi sgrùdadh a tha a' coimhead ri àrd-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh ann an Steòrnabhagh deiseil gu an Gearran an ath-bhliadhna.

Bha dùil gum biodh a' chiad aithisg aca ri fhaotainn san t-Samhain ach cluinnidh buill Comataidh an Fhoghlaim an ath-sheachdain gu bheil barrachd tìde a dhìth orra.

Dh'aontaich comhairlichean sa Ghearran am-bliadhna a dhol air adhart le sgrùdadh comais feuch an gabh sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh.

Goirid an dèidh sin thàinig dearbhadh gun d' fhuair Comhairle nan Eilean Siar taic-airgid bho Riaghaltas na h-Alba a phàigheadh airson na h-obrach sin.

Tha an t-ùghdarras ionadail air a bhith ag obair còmhla ri sgioba rannsachaidh bho Oilthigh Dhùn Èideann.

Tòisichidh an ath ìre den obair aca ann an Leòdhas agus sna Hearadh an ath-sheachdain agus iad gu bhith a' dol gu sgoiltean agus a' coinneachadh ri luchd-obrach, sgoilearan agus pàrantan.

Bidh iad cuideachd a' faighinn bheachdan bho dhaoine sa choimhearsnachd agus luchd-gnothachais.

Tuilleadh air an sgeulachd seo