Nìthear sgrùdadh air àrd-sgoil Ghàidhlig do Steòrnabhagh
Thuirt ceannard foghlaim Comhairle nan Eilean Siar gur e "là eachraidheil" a bh' ann Dimàirt is cead ga thoirt 'son sgrùdadh a dhèanamh air àrd-sgoil a stèidheachadh
- Air fhoillseachadh
Tha comhairlichean aig Comhairle nan Eilean Siar air aontachadh a dhol air adhart le sgrùdadh comais a' coimhead ri Àrd-Sgoil Ghàidhlig ùr a stèidheachadh ann an Steòrnabhagh.
Fhuair aithisg bho Cheannard an Fhoghlaim, Dòmhnall MacLeòid, gun robh fianais gu leòr ann mar-thà 'son a dhol air adhart le sgrùdadh.
Thuirt e san aithisg aige gu bheil rannsachadh tràth air faighinn gun neartaicheadh sgoil den t-seòrsa seo àireamhan sgoile agus sgilean cànain, gun toireadh i togail dhan eaconomaidh agus tuilleadh chothroman às dèidh na sgoile fhàgail - am measg rudan eile.
Tha Riaghaltas na h-Alba mar-thà air a ràdh gum pàigh iad airson sgrùdaidh air a' chùis, ma dh'aontaicheas na comhairlichean ris.
Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis, an t-seachdain seo chaidh, gu bheil i dòchasach gun tèid Àrd-Sgoil Ghàidhlig ùr a stèidheachadh an Steòrnabhagh san ùine ghoirid.
Tha Ceit Fhoirbeis ag ràdh gu bheil taic dhan Ghàidhlig anns na sgìrean traidiseanta fìor chudromach is Riaghaltas na h-Alba air dearbhadh gum pàigh iad 'son sgrùdadh CnES
Thuirt Dòmhnall MacLeòid gun tèid coimhead ris a h-uile ìre den phròiseact, a' gabhail a-steach nan togalaichean fhèin is far am biodh iad, luchd-obrach, mar a ghabhadh teicneòlas a chleachdadh, is mar a ghabhadh sgoilearan bho air feadh nan Eilean Siar cothrom a bhith na lùib, a thuilleadh air maoineachadh 'son an sgoil a stèidheachadh is a ruith san ùine fhada.
Thuirt e gu bheil e an dùil gun tèid an rannsachadh a dhèanamh taobh a-staigh beagan mhìosan is gum bi aithisg air beulaibh chomhairlichean san t-Sultain.
Tha e ag ràdh gum biodh iad an dòchas an uairsin air plana a bhith aca gus sgoil a stèidheachadh, is gur dòcha gum biodh iad a' toiseachadh le goireas nas lugha sa chiad dol a-mach leis an amas cur ris.
An agallamh air fad le Dòmhnall MacLeòid
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh27 An t-Samhain 2024

- Air fhoillseachadh13 An Dùbhlachd 2024
