Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,20 Nov 2025,57 mins

le Cathy NicDhòmhnaill

Naoi gu Deich

Available for 27 days

Thèid tachartasan a chumail an t-seachdain sa tighinn gus daoine a dhèanamh nas mothachail air foill, mar phàirt de Scam Safe Week leis a' BhBC. Ach dè na cunnartan a th' ann, is ciamar a thèid againn air a bhith buileach faiceallach? Tha Shelagh Chaimbeul bho Inbhean Malairt na h-Alba còmhla ri Cathy son a mhìneachadh. Dh'fhosgail taigh-seinnse ann an Obar Dheathain far nach eil deoch-làidir ri fhaighinn idir - ach a bheil daoine dha-rìribh ag òl nas lugha an-diugh na b' àbhaist? Cluinnidh sinn bho thriùir aig a bheil am beachdan fhèin air a' chuspair sa. Agus tha Coinneach Mac a' Ghobhainn ann an Inbhir Lòchaidh a-rithist cuide ri dithis a tha air leth eòlach air eachdraidh an Dàrna Blàr an Inbhir Lòchaidh, ann an 1645. 'S iad sin Eòghann MacEunraig agus Iain MacAonghais, agus eadar òrain, bàrdachd, is sgeulachdan beul-aithris ceangailte ris a' bhlàr tha gu leòr ri ionnsachadh mu shabaid nimheil eadar Goill is Gàidheil, Caimbeulaich is Dòmhnallaich, neo Cùmhnantaich is Feachdan a' Rìgh.

Programme Website
More episodes