Episode details

Available for 25 days
A-rèir chuid chan eil Breatannaich a' còcaireachd aig an taigh mar a b' àbhaist - le biadh goireasach sna bùithtean neo ri fhaighinn air an t-slighe dhachaigh cus ro fhurasta. Ach a bheil sin fìor - agus a bheil e na adhbhar iomagain? Eadar eòlaichean-bidhe, oileanaich, agus còcairean, tha gu leòr a' cumail cagnadh air a' chuspair ri Cathy. Cluinnidh sinn cuideachd mu thaisbeanaiche bhrògan ainmeil banana Billy Connolly: Elspeth King, a bhàsaich aig toiseach na mìos. Cò i agus dè an obair eile ris an robh i thar nam bliadhna? Tha an tè-ealain Iseabail Mhoireach air a bhith rannsachadh. Tha am bàrd is an craoladair Niall O' Gallagher còmhla rinn le fios mu thachartas agus fèis bàrdachd ann an Dun Èideann aig an deireadh sheachdain. Agus tha Meg Bateman air leabhar neo-fhicsean a thaghadh dhuinn a dhèanadh deagh thiodhlac Nollaig: Falling Upwards le Richard Rohr. Carson a thagh i e, agus dè tha cho tarraingeach mu dheidhinn?
Programme Website