Episode details

Available for 20 days
'S iomadh duine rinn iomadach rud eadar-dhealaichte nam beatha - ach 's e glè bheag againn a thòisich obair ùr aig aois 85. Sin a rinn Betty Reid Soskin, ban-Ameireaganach 104 bliadhna a dh' aois aig a bheil sgeulachd beatha iongantach... mar a tha Maureen NicLeòid ag aithris dha Cathy NicDhòmhnaill. Cluinnidh sinn cuideachd mu leabhar còcaireachd Gàidhealach, foillsichte ann an 1905: The Highland Cookery Book / Seòlaidhean Feumail Mu Chòcaireachd ‘s mu Fhuineadh. Tha Alasdair MacLeòid air a bhith rannsachadh. Agus tha Coinneach Mac a' Ghobhainn air chuairt gu Tom na Faire ann an Inbhir Lòchaidh le Eòghann MacEanraig agus Iain MacAonghais, gus eachdraidh a' chiad bhlàr an Inbhir Lòchaidh ann an 1431 a chluinntinn - is beagan de dh' òran a chomharraich am blàr, far an d' fhuair rìgh nan eilean làmh an uachdair air feachdan rìgh na h-Alba, a chluinntinn bho Eòghann cuideachd.
Programme Website