Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,11 Nov 2025,57 mins

le Cathy NicDhòmhnaill

Naoi gu Deich

Available for 18 days

'S iomadh caractar a th' ann am poilitigs na Frainge - eadar an ceann-suidhe Emmanuel Macron, agus na dùbhlanaich: Marine Le Pen air a' làimh dheis, agus Jean-Luc Mélenchon air a' làimh chlì. Ach le casg-cùirt air Le Pen bho bhith seasamh son dreuchd a' chinn-suidhe, 's e neach eile as àirde a tha sna cunntasan beachd: Jordan Bardella. Aig aois 30 bliadhna, a bheil cothrom dha-rìribh aige bhith na cheannard air an dàrna dùthaich as motha san Aonadh Eòrpach? Cuideachd o chionn 30 bliadhna, thòisich a' chompanaidh adhair Easyjet. Ach ciamar a tha companaidhean adhair dhen leithid - le cuideam air siubhal saor - air buaidh a thoirt air mar a bhios sinn a' siubhal air feadh an t-saoghail? Tha Cathy a' bruidhinn ri dithis a tha eòlach air Easyjet agus air siubhal air a' phlèana: Eòghain Mitchison a bha ag obair dhaibh, agus Rhoda NicDhòmhnaill a bhios gu math tric a' siubhal leotha. 'S iomadh duine againn a thèid a-steach a dh'fhaicinn obair ealain ann an gailearaidh neo taisbeanadh poblach. Ach a bheil buaidh aig a-seo air ar slàinte? Sin a' cheist a th'aig Cathy do dhithis: Deirdre Nì Mhathùna agus Liondsaidh Chaimbeul. Agus mar phàirt dhar sreath air dè a' leabhar neo-fhicsean a mholadh tu do dhaoine mar phreusant Nollaig, tha Wilma NicUalraig ag innse dhuinn mun chruinneachadh "Gun Sireadh, Gun Iarraidh: The Tolmie Collection" le Kenna Chaimbeul agus Ainsley Hamill. Dè dìreach a tha cho sònraichte mun a' chruinneachadh òrain is an obair rannsachaidh sa?

Programme Website
More episodes