Episode details

Available for 19 days
'S iomadh cuimhneachan a th' againn air na bùithtean beaga sna bailtean neo air ceann nan sràidean againn a' fàs suas. Tha Cathy a' bruidhinn ri ceathrar mu na tha cuimhne aca fhèin air - is aithrisean às ùr a' sealltainn gu bheil bùithtean beaga sgìreil a' dèanamh glè mhath sa latha a th'ann. Agus le 130 bliadhna bho chaidh X-ghath a chleachdadh ann an leigheas son a' chaid uair - 's ann bho fhear air leth eòlach air an teicneòlas sin a tha a' cluinntinn an-diugh mar chèiliche. Chuir Dòmhnall T Greumach à Ratharsair crìoch air a chuid obrach is e os cionn roinn Radiography Oilthigh Obar Dheathain, agus tha e a' bruidhinn ri Cathy mu bheatha gu seo.
Programme Website