Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,05 Nov 2025,57 mins

le Cathy NicDhòmhnaill

Naoi gu Deich

Available for 12 days

Dè bhios aig Fèis Leabhraichean Aye Write am bliadhna? Tha'n fhèis a' tòiseachadh a-màireach, an Glaschu 's a dol chun 16mh dhen mhìos. Tha Maureen NicLeòid a' toirt sùil air na bhios a dol. 's i fhèin an sàs 's an fhèis cuideachd. An tèid cur às dhan sgeama 's a bheil luchd-obrach a leigeal seachad cuibhreann de thuarastal 's an companaidh ga bheil iad ag obair, ga chuir ris a pheinnsean aca? Sin aon de na rudan a dh' fhaodadh a bhith fainear dhan Seansailear, Rachel Reeves, 's a Bhuidseat nàiseanta aig deireadh na mìos. Tha an t-eòlaiche ionmhais, Dòmhnall Màrtainn a' toirt sùil air dè dh' fhaodadh a bhith air fàire, 's dè tha sin a' ciallachadh dhuinn. 'S e Dòmhnall Iain MacLeòid, Cèiliche na Seachdain. 'S ann as Na Hearadh a tha Dòmhnall Iain ach e a tàmh an Inbhirnis. Bha 40 bliadhna ga chomharrachadh an uiridh bhon a thòisich foghlum tro mheadhan na Gàidhlig an Alba. Bha Dòmhnall Iain gu mòr an sàs ann a bhith stiùreadh chùisean aig an àm agus a' leudachadh foghlum tro mheadhan na Gàidhlig - rud a thug eòlas mhath air A' Ghàidhealtachd 's air an dùthaich air fad.

Programme Website
More episodes