Main content

Canada

Episode 3 of 7

Fred MacAmhlaigh a' tarraing à tobar an dualchais an tasglann a' BhBC ann an 1987. Fred MacAulay explores the rich folklore recorded by the BBC in the islands and Canada in 1987.

Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich - sàr chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canàin, bàrd agus, as cionn a h-uile càil tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath.

A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e tràth ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil às. A seo 's ann air Canada a tha e a' tadhal.

Ann am Montreal choinnich Fred ri Mairi Anna Mhoireasdan a bha air Geocrab sna Hearadh fhàgail ann an 1887 aig aois 12. Bha i a' teannadh air 100 bliadhna nuair a dh' innis i dha mar a bha i eòlach air a' Mhegantic Outlaw, Dòmhnall Moireasdan à Leòdhas.

Bha Aonghas Robasdan, às a Bhaile Shear an Uibhist a Tuath, air a bhith ann a Vancouver fad 58 bliadhna nuair a choinnich Fred ris ann an 1970 agus a' Ghàidhlig aige air meirgeadh le cion a' chleachdaidh.

Chaidh Eoghainn MacAonghais à Baile Chaolais a-null a Vancouver ann an 1907 a dh' obair aig compnaiadh dealain agus thog e a theaghlach sa bhaile. Bha e còrr air 80 nuair a choinnich Fred ris.

Gheibh sinn cuideachd òran teaghlaich, Saighdear Chaluim Bàin, bho Dhonalda NicIllEathain à Leòdhas agus port air a' bhucas bho Sheonaidh Dòmhnallach às a' Rubha ann an Toronto, a bharrachd air An t-Eilean Muileach bho Chòisir Ghàidhlig Vancouver.

2 days left to listen

30 minutes

Last on

Sun 26 Oct 2025 10:00

Broadcasts

  • Mon 20 Oct 2025 15:30
  • Wed 22 Oct 2025 20:00
  • Sun 26 Oct 2025 10:00